Ciad mile fàilte! 'S e Mata MacGill'Fhinnein an t-ainm orm agus tha mi feuchainn a dheanamh rudeigin 'ladarna': Tha mi a' toiseachadh blog Gàidhlig. Agus tha mi an dòchas gun tèid podchraoladh (no rsb eile) a leasachadh. Làn de Ghàidhlig dona th' agam. Dh' Ainmich mi am blog seo an dèoghaidh an seann phàipear-naidheachd Mac-Talla (obair mhath thu fhéin!). Us, uell, tha co-ionnannachd no dhà ann eadar am pàipear-naidheachd sin 's mi mi-fhìn: Bha Mac-Talla as an Eilean Cheap Breatuinn agus tha mi-fhìn as an Eilean Cheap Breatuinn, air taobh an ear de Chanada. Bha Mac-Talla glé ainmeil agus sgoinneil agus tha mise glé... neo-ainmeil. Uell, bha mi faisg ris. Oidhirp mhath. Math gu leòir, tha dà dhiubh ann. Uell, aon. Tha mi 'n dòchas a ghabhail criomagan cultair, tilgeil air ais (tròbags...throwbacks?), goireasan (ceanglaichean thuca), seanfhaclan, agus... naidheachdan 7 spòrs an là an diugh anns a' Chanada 's Aimeirigeadh,...